Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Cùrsaichean Fo-cheum

'S e Sabhal Mòr Ostaig an aon cholaiste ann an Alba far am faodar cùrsaichean ceuma air fad a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig. Tha a' Cholaiste na com-pàirtiche ann an Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean, agus 's i a tha a' treòrachadh càich ann an Sgeama Gàidhlig is Chuspairean Co-cheangailte.

Chan ann dìreach gum bi cothrom air leth agad air piseach a thoirt air do chuid Gàidhlig air na cùrsaichean, togaidh tu sgilean prataigeach is sòisealta a bhios nam buannachd dhut gu bràth.

Tha na cùrsaichean sa chiad agus san dàrna bliadhna a' toirt làn chothrom do dh'oileanaich a bhith a' fàs fileanta sa Ghàidhlig agus tha dùil, le brosnachadh, gum bi oileanaich a' bruidhinn agus a' cleachdadh na Gàidhlig bho latha gu latha. Faodaidh tu modalan a thogail sna bliadhnaichean às dèidh sin is a dhol air adhart gu ceumannan ann an Cànan is Cultar na Gàidhlig, Gàidhlig agus Leasachadh, Gàidhlig agus na Meadhanan, Gàidhlig agus Foghlam agus Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta.

Air ais dhan bhàrr