Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Pròiseactan Eòrpach

Thairis air na bliadhnaichean tha Sabhal Mòr Ostaig air a bhith an sàs ann am pròiseactan còmhla ri colaistean eile air tìr-mòr na Roinn Eòrpa. Tro POOLS, POOLS-2, agus POOLS-T agus eile tha sinn air a bhith a’ togail cheanglaichean le cànanan eile, leithid Basgais, Spàinntis, Greugais, Turcais agus barrachd. An-dràsta tro TOOLS agus POOLS-3 tha sinn ag obair cuideachd ann an Gàidhlig na h-Èireann agus Catalanais am measg feadhainn eile.

Ann an TOOLS tha sinn a’ leasachadh bathar-bog, air a bheil an t-ainm “Clilstore”, a leigeas leibh duilleagan air-loidhne a thogail a tha feumail do luchd-teagaisg agus luchd-ionnsachaidh. Agus ann am POOLS-3, tha sinn a’ cuideachadh cholaistean ann an dùthchannan eile le bhith a’ cleachdadh coimpiutaireachd ann an teagasg agus ionnsachadh.

TOOLS

Làrach-lìn aig http://www.languages.dk/tools/index.htm
Blog aig http://tools4clil.wordpress.com/
 

POOLS-3

Làrach-lìn aig http://languages.dk/pools-3/index.html
Blog aig http://pools3.wordpress.com/
 

Europeana Sounds

Tha Sabhal Mòr Ostaig cuideachd mar phàirt den phròiseact Europeana Sounds, tro com-pàirteachas Tobar an Dualchais anns an iomairt sin.  Tha European Sounds a’ feuchainn ri dualchas clàran-fuaim agus ceòl na Roinn Eòrpa fhosgladh nas fharsainge,  a’ gabhail a-steach 24 buidhnean bho air feadh na Roinn Eòrpa. Thathar an dùil àireamh nan clàran a tha ri fhaighinn air-loidhne a bhith suas ri millean ron Fhaoilteach 2017.

www.europeanasounds.eu

www.europeana.eu/

 

Air ais dhan bhàrr