Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Seirbheisean Oileanach

Tha Seirbheisean Oileanach a' toirt fiosrachaidh, comhairle is taic neo-thaobhach don a h-uile oileanach; do dh'oileanaich làn-ùine is phàirt-ùine agus oileanaich air an làraich is air-astar. Faodaidh tu fios a chur gu Seirbheisean Oileanach mu chùis phearsanta sam bith a dh'fhaodadh buaidh a thoirt air an obair rannsachaidh agad, mar eisimpleir:

  • ciorram is feumalachdan taic a bharrachd
  • cùram-chloinne
  • deoch-làidir is drogaichean
  • fèin-dhochann is smuaintean fèin-mharbhtach
  • sgilean rannsachaidh
  • slàinte
  • ionmhas is buidseatan
  • taigheadas
  • trom-inntinn is iomagain
  • duilgheadas pearsanta sam bith eile

'S e leasachadh saoghal nan oileanach is solarachadh taic nad chuid rannsachaidh am prìomh amas aig Seirbheisean Oileanach.

Nach cuir thu fios thugainn mu na feumalachdan pearsanta agad cho tràth 's a ghabhas gus an tèid againn air na fuasglaidhean as fheàrr dhut a lorg còmhla ri chèile. Faodaidh tu bruidhinn ri Eilidh NicPhàidein, Cò-òrdanaiche Seirbhisean Oileanach, tro post-d enp1.smo@uhi.ac.uk neo to fòn 01471 888305.

Faodaidh a h-uile oileanach na seirbheisean comhairleachaidh a chleachdadh. Tha seirbheis chomhairleachaidh aghaidh-ri-aghaidh ri fhaighinn air an làraich agus faodaidh oileanaich air-astar taic chomhairleachaidh air-loidhne a chleachdadh.

Air ais dhan bhàrr