Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Clò Ostaig

Is e Clò Ostaig clò Shabhal Mòr Ostaig. Thòisich an clò gu slaodach sna h-ochdadan: thàinig a’ chiad leabhar a-mach ann an 1981 (Ainmean-àiteachan, deas. Iain Taylor), a chaidh a leantainn ann an 1988 le eachdraidh shòisealta ann an Innse Gall (Bùth Ailig le Dòmhnall Iain MacGilleathain, ISBN 0861527399).

Sna naochadan, nochd ceithir tiotalan: Trì Dealbhan Cluiche le Alasdair Caimbeul ann an 1990 (ISBN 0951641905); leabhar pàipearan co-labhairt ann an 1991 (Ceann an Iar-Thuath na h‑Alba, àrainn oighreachd Eòrpach: Co-labhairt aig Sabhal Mòr Ostaig, Slèite, An t-Eilean Sgitheanach, 8–9 an t-Samhainn, 1990 = North-West Scotland, European heritage area: A conference at Sabhal Mòr Ostaig, Sleat, Isle of Skye, 8–9 November, 1990, ISBN 0951641913); An Stòr-dàta Briathrachais Gàidhlig (ISBN 1897873026) ann an 1993, am faclair Beurla–Gàidhlig a tha nise ri fhaighinn air-loidhne (http://www2.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/sbg/); agus Plants, Fungi and Animals: Gaelic names with English & scientific equivalents mainly compiled from published literature (ISBN 1897873697) le Ellen I.  Garvie ann an 1999.

Chan eil ach Plants, Fungi and Animals fhathast an clò.

Rinn Clò Ostaig aiseirigh ann an 2009 agus tha sruthan beag cunbhalach air a bhith a’ tighinn às bhon uair sin.

 

Catalog Clò Ostaig

 

Faodar na leabhraichean seo a cheannach anns a' bhùth air-loidhne no aig a’ Cholaiste.

Air ais dhan bhàrr