Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Rannsachadh na Gàidhlig 2016

Rannsachadh na Gàidhlig 2016

FÀILTE

Fàilte chridheil gu duilleagan-lìn Rannsachadh na Gàidhlig 2016. ’S e a th’ ann an Rannsachadh na Gàidhlig co-labhairt eadar-nàiseanta air an rannsachadh as ùire agus as cudromaiche air cuspairean a tha a’ buntainn ris a’ Ghàidhlig. Bidh i a’ gabhail àite gach dàrna bliadhna ann an oilthigh eadar-dhealaichte, far am bi roinnean Gàidhlig agus/no Ceiltis...

Bidh an ath cho-labhairt a’ gabhail àite aig Sabhal Mòr Ostaig – Colaiste Ghàidhlig na h-Alba – san Eilean Sgitheanach, eadar 21–24mh dhen Ògmhios 2016. Bha Rannsachadh na Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig roimhe, ann an 2006, agus tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri fàilte chridheil a chur oirbh a-rithist, gu Rannsachadh na Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig, ann an 2016.

 

Eachdraidh sreath co-labhairtean Rannsachadh na Gàidhlig

Thòisich Rannsachadh na Gàidhlig ann an 2000, nuair a chuir an Roinn Cheiltis aig Oilthigh Obar Dheathain co-labhairt air chois, mar chomharra air an linn ùir. Bha e fa-near dhan Roinn cothrom a thoirt do sgoilearan, sean is òg, an smuaintean ùra mun Ghàidhlig agus mu litreachas agus cànan na Gàidhlig, agus eachdraidh na Gàidhealtachd, a chur air beulaibh dhaoine. Chòrd a' cho-labhairt cho math ri daoine agus gun do rùnaich Bòrd na Ceiltis co-labhairt dhen t-seòrsa seo a chumail gach dàrna bliadhna, a chuireadh cuairt air na h-ionadan anns an robh a' Ghàidhlig air a teagasg agus far an robh rannsachadh ga chur air adhart. 'S ann mar seo a thòisich na co-labhairtean eile, ann an Oilthigh Ghlaschu ann an 2002, Oilthigh Dhùn Èideann ann an 2004, Sabhal Mòr Ostaig ann an 2006, Oilthigh Naoimh Fransaidh Xavier ann an Antigonis ann an 2008, Oilthigh Obar Dheathain ann an 2010, Oilthigh Ghlaschu ann an 2012, agus Oilthigh Dhùn Èideann ann an 2014. 

 

Bòrd na Ceiltis

Chaidh Bòrd na Ceiltis a stèidheachadh mar àrd-bhuidheann ùghdarrasach a bhios a' riochdachadh nan Roinnean Ceiltis is Gàidhlig ann an Oilthighean na h-Alba. Tha Bòrd na Ceiltis air deagh dhìon a thoirt air na cuspairean agus air na roinnean a tha ag adhartachadh rannsachadh na Gàidhlig is na Ceiltis.

Air ais dhan bhàrr